Naidheachdan 11:00m

Tha an t-aonadh as motha ann am Breatainn, Unite, ag ullachadh airson deasbad aig a' cho-labhairt anns an Iuchar air cur às dha na ceanglaichean eachdraidheil ris a' Phàrtaidh Làbaraich. Thuirt Àrd-Rùnaire Unite, Len McCluskey, gum faodadh iad sguir den taic-airgid dhan phàrtaidh mura bi iad riaraichte le cò ceannard ùr nan Làbarach. Thuirt Ceannard eadar-amail nan Làbarach, Harriet Harman, an-diugh nach eil gnothach aig na h-aonaidhean ri cò an ceannard ùr a bhios ann.

Ghabh feachdan na Stàite Ioslamaich smachd air baile Ramadi ann an Iorac an dèidh blàir mhòir. Thuirt Riaghaltas Iorac gu bheil feachdan an Riaghaltais air tarraing a-mach à Ramadi, agus gu bheil iad a-niste ag iarraidh taic nam mailisi Shi'ia, le cuideachadh bho Ioran airson feuchainn ris a' bhaile a ghabhail air ais bho IS.

Luchd-Imrich

Tha dithis de dh'àrd-mhinistearan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte aig coinneimh anns a' Bhruiseil an-diugh far a bheil dùil gun aontaich an t-Aonadh Eòrpach ri feachdan armaichte a chur an sàs airson stad a chur air fògaraich mhì-laghail. Tha dùil gun gabh an AE ri feachdan armaichte airson cur às dha na bàtaichean a bhuineas dha na gràisgean a tha a' cur luchd-imrich gu mì-laghail à Afraga air a' Mhuir Mheadhan-Thìrich.

Thuirt maraiche a theich an dèidh a bhith ag ràdh gur e "tubaist a' feitheamh ri tachairt" a th' ann an siostam dìon Trident gun gèill e ris na h-ùghdarrasan an ceann là no dhà. Thuirt Uilleam McNeilly gu bheil laigsean tèarainteachd agus sàbhailteachd air na bàtaichean-aigeann niuclasach, a tha stèidhichte aig Faslann air Linne Chluaidh. Chaidh an Cabhlach Rìoghail às àicheadh na thuirt e, agus thuirt iad gu bheil iad ag obair còmhla ris na Poilis airson a lorg.

Thòisich seirbheis aiseig do charbadan eadar Steòrnabhagh agus Ulapul às ùr anns a' mhadainn an-diugh an dèidh leasachadh air Cidhe Ulapuil. Tha an t-alt-aiseig a-niste comasach air gabhail ris an Loch Seaforth - am bàta ùr a th' ann an àite an Isle of Lewis.

Tha pàrantan ann am Barraigh a' gearain mu dhìth luchd-teagaisg aig Àrd-Sgoil Bhàgh a' Chaisteil. Tha iad a' cumail a-mach gun robh a' Chomhairle slaodach a' cur luchd-teagaisg an àite luchd-obrach a bha dheth tinn. Thuirt fear-labhairt do Chomhairle nan Eilean Siar gun robh àireamh thidsearan a bha a' teagaisg chuspairean bunaideach ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil air a bhith dheth air an teirm seo, ach gun do chum tidsearan eile bhon sgoil na clasaichean seo, agus tidsearan eile bho thaobh a-muigh.

Air fhoillseachadh