BBC Naidheachdan

A' cuimhneachadh call a' Chogaidh Mhòir

Chaill faisg air 600 Sgitheanach am beatha sa Chogadh Mhòr.

Am measg nam marbh bha 18 duine à Port Rìgh a bhàsaich tràth san t-sabaid aig Festubert far an do chaillear grunn ghillean Gàidhealach eile.

B' iad na balaich a bu thapaidhe a bh' annta 's mòran aca nan cluicheadaran iomain. Thug an call buaidh mhòr air an spòrs sa cheann a tuath.

Ceud bliadhna bho fhear de na batail a b' fhuiltiche den chogadh, chruinnich na ceudan a chuimhneachadh air na fir a thuit air a' bhlàr.

Aig cridhe chùuisean ann am Port Righ, bha tri geamaichean iomain sònraichte.