Taic a dhìth air iasgairean a' mhuasgain-chaoil
Tha iasgach a' mhuasgain-chaoil air a bhith cho bochd bho thoiseach na bliadhna 's gum bu chòir dhan Riaghaltas beachdachadh air taic-airgid a thoirt seachad.
Sin a rèir Chomann Iasgairean nan Eilean Siar.
Tha teachd-a-steach a' ghnìomhachais sìos faisg air £10m air an aon àm an-uiridh.
Tha cùisean cho dona sa Chuan a Tuath, 's gu bheil dragh ann gun tig tràlairean às an sin, a-steach dhan Chuan Sgìth.
Tha Aonghas Domhnallach ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 20 An Cèitean 2015
- Earrann
- Naidheachdan