Rabhadh mu sgoiltean ann an droch staid

Thug Comhairle na Gàidhealtachd rabhadh seachad nach bi airgead gu leòr ann airson sgoiltean a th' ann an droch staid a chàradh.

Tha an naidheachd a' tighinn agus iad air aontachadh sgrùdadh a dhèanamh air sgoil-àraich an Ulapul faic a bheil feum dha-rìribh air togalach ùr.

Tha pàrantan sa bhaile air a bhith a' gearain fad iomadach bliadhna gu bheil dampachd san togalach.

Thèid innse as t-Samhradh cò na sgoiltean a gheibh prìomhachas a thaobh obair-càraidh.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.