BBC Naidheachdan

Tubaist leis a' Chupa

Thàinig droch fhortan air Cupa na h-Alba, 's e an Inbhir Nis air thoiseach air cuairt-deireannach na farpais.

Tha cothroman air a bhith aig muintir a' bhaile an Cupa fhaicinn, ach chaidh a' leagail le fear de na luchd-deilbh a bha aig coinneamh-naidheachd sgioba Chaley Thistle Dihaoine.