Litreachan croitearachd gan sgaoileadh
Cuiridh Coimisean na Croitearachd litir gu faisg air còig mile croitear a tha fo amharas nach eil iad a' coileanadh an cuid dleastanasan fearainn.
Tha seo an dèidh dhan choimisean sgrùdadh a dhèanamh air na freagairtean a thàinig bho Cheisteachan na Croitearachd, rannsachadh a rinnear na bu thràithe air a' bhliadhna.
B'e a' chiad sgrùdadh ga sheòrsa a rinn an Coimisean.