Pròiseict Ulbha a' soirbheachadh
Tha a' bhuidheann a tha air cùl pròiseict taigheadais Chaolas Ulbha gu math faisg air an targaid-ionmhais aca.
Bha mu £400,000 a dhìth orra airson an sgeam is chan eil aca ri thogail a-nis ach nas lugha na £4,000.
Chan eil ach mu 100 duine a' fuireach ann an Caolas Ulbha, àite iomallach air taobh siar Mhuile.
Mar a fhuair am fear-naidheachd againn Andreas Wolff a-mach, tha iomadh pròiseict eile aca cuideachd.