Naidheachdan 11:00m

'S e an-diugh an là air am feum a' Ghrèig iasad de chòrr is €1.5bn a thoirt air ais dhan IMF. Mura dèan a' Ghrèig sin, thig aonta airson cobhair eadar-nàiseanta gu ceann cuideachd. Bidh referendum sa Ghrèig Là na Sàbaid, 's tha Prìomhaire na dùthcha, Alexis Tsipras, ag iarraidh air an t-sluagh bhòtadh an aghaidh aonta chobhair ùir a chuireadh tuilleadh ghearraidhean orra. Mura gabh a' Ghrèig ris an aonta ùr sin tha coltas ann gun tèid a cur a-mach às an airgead shingilte Eòrpach.

Thug itealan RAF ceathrar à Breatainn air ais dhan dùthaich seo an-raoir, an dèidh an droch leòn sa cheannairc ann an Tunisia. Laigh am plèana aig Brize Norton ann an Oxfordshire anmoch an-raoir. Chaidh mu 30 duine à Breatainn a mharbhadh anns an ionnsaigh ann an Sousse Dihaoine seo chaidh, ged nach deach ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast ach mu 18 duine dhiubh sin. Thuirt oifigich ann an Tunisia an-diugh gun tèid gàird armaichte a chur air a h-uile taigh-òsta air cladach na Mara Meadhan-Tìrich.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e briseadh-dùil a th' ann gun deach diùltadh dhaibh ceithir sgoiltean anns an Eilean Sgitheanach a dhùnadh agus sgoil ùr a thogail nan àite. Tha Panal Ath-Sgrùdaidh Dùnadh nan Sgoiltean - buidheann a stèidhich Riaghaltas na h-Alba am-bliadhna - ag ràdh nach do rinn an t-ùghdarras co-chomhairle mar a bu chòir air bun-sgoiltean sa Chnoc Bhreac, Dùn Bheagain, anns an t-Sruthan agus anns an Aodann Bhàn a dhùnadh. Tha dà sheachdain aig a' Chomhairle a-niste airson tagradh a thogail an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin.

Dh'fhàs eaconamaidh Bhreatainn nas motha na bha dùil air a' chiad trì mìosan den bhliadhna. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun deach toradh na dùthcha suas 0.4%, an coimeas ris a' chiad thomhas de 0.3%.

Bidh tuilleadh sgrùdaidh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air na planaichean airson tuilleadh chumhachd do Phàrlamaid na h-Alba. Seo an treas là de dh'ìre na comataidh air Bile na h-Alba a bheireadh tuilleadh smachd do Holyrood air Cìs an Teachd-a-Steach, VAT, agus sochairean sòisealta.

Tha comhairliche Leòdhasach den bheachd gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar taic shònraichte iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh buaidh nan gearraidhean a dh'fheumas iad a dhèanamh. Bha Dòmhnall Crichton a' bruidhinn agus an t-ùghdarras a' feuchainn ri £8m a shàbhaladh thairis air dà bhliadhna.