An Ceannard a' fàgail Bòrd na Gàidhlig
Tha troimhe chèile aig Bòrd na Gàidhlig.
Tha an ceannard aca air a dhreuchd fhàgail an dèidh dìreach trì miosan 'san obair.
Thuirt am bòrd gun do dh'fhàg Iain Caimbeul air adhbharan pearsanta.
Ach tha BBC Alba a' tuigsinn gu bheil còmhstri air a bhith taobh a-staigh sgioba stiùiridh a' bhùird.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.