Taigh-smocaidh Uibhist ga ath-fhosgladh

Cha bu chòir gum bi fada ann mus bi bradan ga smocadh ann an Uibhist a-rithist fo bhratach Salar.

Chaidh an taigh-smocaidh ann an Loch a' Chàrnain a' dhùnadh bho chionn beagan mhìosan leis a' chompanaidh bhradain Loch Duart.

A-niste ge-tà, tha fear a bha na mhanaidsear aig a' chompanaidh sin air an togalach a cheannach, 's tha coltas ann gum fosgail e a-rithist an ceann seachdain neo dhà.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.