BBC Naidheachdan

Dealbhan Uibhisteach Phòl Strand

Tha Gailearaidh Nàiseanta Dhealbhan na h-Alba air sealbh fhaighinn air naoi de na dealbhan ainmeal a thog Pòl Strand fhads a bha e ann an Uibhist bho chionn còrr is trì fichead bliadhna. Chithear farsaingeachd nan cuspairean agus an stoidhle aithnichte aige fhèin tron taghadh seo agus bi iad am measg taisbeanadh anns a' ghailearaidh gu meadhan na Sultain. Le tuilleadh seo Shona NicDhòmhnaill.