BBC Naidheachdan

Leasachadh seann sgoil Bhràgair

Cosgaidh e co-dhiù £700,000 airson seann bhun-sgoil Bhràgair air taobh siar Leòdhais a thoirt gu ìre mar thogalach coimhearsnachd.

Sin a rèir an oifigeir leasachaidh a tha ag obair às leth an urrais leis a bheil an sgoil.

Tha sean sgoilearan a' cur fàilte air a' phròiseact, mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.