Gealladh dha na h-Eileanan
Gheall Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gun tèid aire a thoirt do shuidheachadh sònraichte nan Eilean Siar a thaobh cumhachd ath-nuadhachail.
Tha seo a leantainn air mi-chìnnt mu na tha fainear dha'n ghniomhachas, agus Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte air innse gun tèid subsadaidhean a ghearradh gu proiseactan cumhachd ath-nuadhachail air tìr.
A' bruidhean ann a' Leòdhas, thuirt Mgr Mundell gu bheil e airson dèanamh cinnteach gun soirbhich na h-Eileanan.
Seo Aonghas Domhnullach....
- Air fhoillseachadh
- 30 An t-Iuchar 2015
- Earrann
- Naidheachdan