BBC Naidheachdan

Freagairt nas fheàrr mu Chalais air iarraidh

Tha teagamhan air feadhainn ann an gnìomhachas an iasgaich mu oidhirpean làraidhean-bathair bìdh a dh'fheumas margaidhean a ruighinn taobh a-staigh uairean a thìde, a chuideachadh ri linn a' bhuairidh aig Caolas Shasainn.

Chaidh innse gun deigheadh slighe dhìreach a dhèanamh do leithid làraidhean mhaorach.

Ach, tha feadhainn sa cheann a' tuath ag iarraidh freagairt nas fheàrr.

Seo Murray MacLeòid.