BBC Naidheachdan

Buidseat NHS na Gàidhealtachd ga dheasbad

Thàinig e am follais gun do chosg NHS na Gàidhealtachd £2m a bharrachd na bha còir sa chiad chairteal den bhliadhna-ionmhais seo.

Chuala coinneamh den Bhòrd Slàinte Dimàirt gu robhas a' coireachadh na th'ann de luchd-obrach eadar-amail, am measg eile.