BBC Naidheachdan

Bàrdachd a' Chogaidh Mhòir

Chaidh leabhar ùr de bhàrdachd Ghàidhlig mun Chogadh Mhòr fhoillseachadh aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann aig deireadh na seachdain.

'S e "Cuimhneachan" ainm an leabhair, agus chaidh a' bhàrdachd a tharraing ri chèile airson prògram air BBC Radio nan Gàidheal air a bheil "Seachdain sa Chogadh".

Tha seachd pìosan bàrdachd ùra ann cuideachd.

Tha Andreas Wolff ag aithris.