BBC Naidheachdan

Snàmhadairean air Hiort fhàgail

Tha buidheann de luchd-snàimh air tòiseachadh a' feuchainn ri snàmh eadar Hiort agus na Hearadh.

Chaidh an oidhirp a chur dheth grunn thursan ron a seo, 's iad a' feuchainn an-toiseach ri dhol eadar na Hearadh 's Hiort.

Tha seachdnar snàmhadair na lùib, 's iad an dòchas thighinn gu tìr ann an Huisinis ro 10:00f Dimàirt.

Tha Ruairidh Rothach ag aithris.