BBC Naidheachdan

Sgoil Ghàidhlig Loch Abar fosgailte

B'e là eachdraidheil a bh' ann an Caol a' Ghearasdain Diciadain le Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar a' fosgladh a dorsan dha sgoilearan 'son a' chiad uair.

Chosg an sgoil ùr mu £7.5m agus goireasan coimhearsnachd na lùib cuideachd.

Thuige seo, bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile ri fhaighinn ann an aonad ann am Bun-sgoil Chaitligeach a' Ghearasdain, is tha pàrantan ag ràdh gur e ceum mòr air adhart a th' ann gu bheil sgoil Ghàidhlig a-nise aca.