BBC Naidheachdan

Leudachadh aig Muileann MhicCoinnich

Tha Muileann Chlò MhicChoinnich ann an Steòrnabhagh air inneal càrdaidh a bharrachd a chur a-steach, a bheir cothrom dhaibh còrr air ceud clò a dhèanamh san t-seachdain.

Tha iad cuideachd air na tha iad a' dèanamh de phàtrain a leudachadh.

Tha iarrtas làidir ann airson a' chlò, 's tha ceist ann cia mheud breabadair a bharrachd a bu chòir a thrèanadh.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.