BBC Naidheachdan

Bogs-Fèineag Chiseòirn

Bha uair ann a bha coimhearsnachdan thall 's a bhos a' crochadh air a' bhogsa-fòn dearg.

Chan eil mòran dhiubh ann a-nis, 's fòn aig a h-uile duine againn cha mhòr, nar pòcaidean.

Dè bu chòir a dhèanamh ma tha, leis an fheadhainn a tha air fhàgail?

Tha Calum MacIlleathain air a bhith air Taobh Siar Rois a' faighinn a-mach na tha fainear dhan fhear a th'ann an Ciseòrn.