BBC Naidheachdan

Briseadh dùil do cheann a tuath na Hearadh

Bha briseadh dùil ann do dhaoine aig coinneimh air an Tairbeart oidhche Luain, agus e air innse dhaibh nach bi dotair neo nurs stèidhichte ann an Ceann a Tuath na Hearadh taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

Sin a chualas bho stiùiriche meidigeach Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar, agus draghan mòra air èirigh sa choimhearsnachd mun t-seirbheis a tha ri fhaotainn air an oidhche agus air an deireadh-sheachdain.

Bha am fear-naidheachd Ruairidh Rothach aig a' choinneimh dhuinn.