BBC Naidheachdan

Inbhir Ùige a' dealachadh ris na Fàraich

Tha baile anns na h-Eileanan Fàrach, Klaksvik, a' coimhead airson ceangail a dhèanamh ri baile eile an Alba, às dèidh dhaibhsan agus Inbhir Ùige, aig an robh ceangal 'son còrr is fichead bliadhna sgarradh bho chèile.

Thuirt Pròbhast Inbhir Ùige nach b' urrainn dhaibh an ceangal a chumail às dèidh ghearainnean làidir mun dòigh sa bheil muinntir Klaksvik ri marbhadh mhucan-mara gach bliadhna.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.