BBC Naidheachdan

Fèill Uain Loch Baghasdail

A dh'aindheoin droch shamhradh agus dragh gun robh prìs nan uan a' tuiteam, cha robh cus ghearainnean ri cluinntinn bho chroitearan aig fèill Loch Baghasdail Dihaoine.

Anns a' chomantas bha prìsean nas àrda na bha iad mun àm-sa an-uiridh.

Ach aig 1700 chaidh nas lugha uain a' reic an taca ri 2014.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.