Naidheachdan 11:00m
Atharraichidh na tha de dh'in-imrichean a' ruighinn na Gearmailt an dùthaich sin fad bhliadhnaichean ri teachd, a rèir an t-Seansalair Angela Merkel. Tha an Riaghaltas aice a' do a chosg còrr air £4bn a' toirt dachaighean agus taig do dh'fhògarraich. Anns an Fhraing, thabhainn an Ceann-Suidhe Francois Hollande 24,000 in-imriche a ghabhail. Mìnichidh Dàibhidh Camshron an-diugh fhathast dè nì Breatainn.
Gheall am BBC obrachadh nas dlùithe le buidhnean ealain agus saidheans airson, thuirt e, "Breatainn a stèidheachadh mar an fhors chultarail as motha air an t-saoghal." Dh'fhoillsich Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Tony Hall, a phlanaichean airson an deich bliadhna ri teachd. Thuirt e gur e "BBC fosgailte airson linn an eadar-lìn" a bhiodh ann. Ach bha rabhadh aige cuideachd gum biodh gearraidhean ann, 's gun tèid cuid de sheirbheisean a dhùnadh, no co-dhiù a lùghdachadh.
Tha tagradh laghail an aghaidh taghadh Alasdair MhicIlleMhìcheil mar Bhall-Pàrlamaid Arcaibh is Shealtainn a' tòiseachadh an-dràsta ann an Dùn Èideann. Cha bhi Mgr MacIlleMhìcheil fhèin an làthair aig Cùirt nan Taghaidhean. Thuirt fear-labhairt às a leth, gum bi e an sàs ann an obair phàrlamaid aig Westminster an-diugh.
Bidh ceannardan thuathanach à Alba aig coinneimh sa Bhruiseil agus aig Westminster an-diugh 's iad a' sireadh taic phoileataigich airson dèiligeadh ris an staing sa bheil an gnìomhachas. Bidh ceann-suidhe agus iar-cheann-suidhe NFU na h-Alba còmhla ri 200 tuathanach eile a' togail fianais anns a' Bhruiseil ro choinneimh de mhinistearan àiteachais na h-Eòrpa. Ann an Lunnainn coinnichidh bòrd-stiùridh NFU na h-Alba ri Buill-Phàrlamaid na h-Alba. Anns gach àite iarraidh iad taic an dà chuid anns an aithghearrachd agus anns an ùine fhada do thuathanaich 's do chroitearan.
Thèid sgrùdadh bliadhnail Bhòrd-Slàinte na Gàidhealtachd a dhèanamh feasgar. Bidh Ministear na Slàinte, Shona Robison, aig coinneimh leis a' Bhòrd ann an Inbhir Ùige. 'S e cothrom a th' ann dhan Riaghaltas agus dhan phoball ceistean a chur air Bòrd na Slàinte mu na seirbheisean a tha iad a' toirt seachad.
Tha uisge-beatha a thug ceitir bliadhna a-muigh ann am fànais air tilleadh gu talamh, 's tha an taigh-staile às an tàinig e ag ràdh gu bheil am blas air leth inntinneach. Chaidh an drama, à Taigh-Staile na h-Àirde Bige ann an Ìle, a chur suas chun an stèisein fànais eadar-nàiseanta, 's chaidh drama den aon sheòrsa a chumail ann an Ìle. An dèidh a-nise coimeas a dhèanamh eadar na dhà, tha luchd-staile na h-Àirde Bige ag ràdh gu bheil blas ùr inntinneach air an tè a bh' ann am fànais.