BBC Naidheachdan

Dragh mun NHS an Gallaibh

Tha seirbheisean meidigeach ann an Gallaibh an impis fàiligeadh, a rèir mhuinntir na sgìre.

'S e sin a chaidh innse do Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, 's i ann an Gallaibh airson sgrùdadh bliadhnail air NHS na Gàidhealtachd.

Thuirt a' Bhean-Phòsda Robison gu bheil i misneachail gum faigh euslaintich an t-seirbheis air a bheil iad airidh.