BBC Naidheachdan

Adhartas an Cupa Davis

Tha sgioba tennis Bhreatainn 'sa chuairt deireannaich de Chupa Davis 'son a' chiad thurais bho 1978.

Bha pàirt mòr aig Andaidh Moireach ri chluich, le puing Dihaoine, a' buanachadh ann an geàm nan càraid le bhràthair Jamie Disathairne, agus a' dèanamh a' ghnothaich air Bernard Tomic Didòmhnaich.

Bha am fear-naidheachd againn, Ailean MacLeòid, an làthair air an deireadh-sheachdain.