BBC Naidheachdan

Gealltanas mu obair nam poileas

Fhuair riochdairean eileanach agus Ghàidhealach gealltanas bho Rùnaire a' Cheartais gum bi obair nam poileas aig ìre ionadail a rèir prìomhachasan ionadail.

Bha Mìcheal MacMhàthain a' coinneachadh ri oifigearan-poileas agus riochdairean bho na bùird-sgrùdaidh ionadail ann an Dùn Èideann aig co-labhairt mun chùis.