BBC Naidheachdan

Taigh-staile na Hearadh fosgailte

Bha oidhche mhòr aca anns na Hearadh is taigh-staile ùr air an Tairbeart a' fosgladh gu h-oifigeil.

Chaidh cuireadh dhan a h-uile duine as na Hearadh a dhol dhan chèilidh.

Bha Ruairidh Rothach againn am measg an fheadhainn a ghabh brath air a' chothrom.