BBC Naidheachdan

Tinneas Lyme bitheanta an Uibhist

Tha fada a bharrachd chùisean de Thinneas Lyme ann an Uibhist na tha ann an sgìrean eile de na h-Eileanan an Iar, a rèir àireamhan ùra.

Tha na figearan a' dèanamh dheth gu bheil cùis ùr den tinneas ann a h-uile ochd là an Uibhist.

'S ann bho ghartain a tha an tinneas a' tighinn, agus tha e a' toirt buaidh mhòir air cuid de dhaoine.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.