Bile nan Eilean ga fhoillseachadh
Gheall Riaghaltas na h-Alba tuilleadh chumhachdan do mhuinntir nan eilean an-diugh.
Tha Bile nan Eilean a' moladh gum bi barrachd smachd aig leithid Chomhairle nan Eilean Siar air an gnothaichean fhèin.
Bha còir aig Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, a bhith ann an Steòrnabhaigh a' chiad char sa mhadain airson am bile fhoillseachadh.
Ach dh'fhiosraich e fhèin na tha a' thachairt dha gu leòr luchd-siubhail eile, nuair a chaidh dàil grunn uairean a thìde air a' phlèana a bha ga thoirt chun na sgìre.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.
- Air fhoillseachadh
- 30 An t-Sultain 2015
- Earrann
- Naidheachdan