BBC Naidheachdan

Fèill-reic reithe an Steòrnabhagh

Bha suas ri 300 reithe gan reic aig fèill mhòr ann am Margaidh Sprèidh Leòdhais 's na Hearadh ann an Steòrnabhagh oidhche Luain.

Bha sin air an àireamh as àirde ann an iomadach bliadhna aig an fhèill.

'S e Calum Fionnlagh Moireasdan à Nis a bhuannaich an duais airson an reithe as fheàrr tràth san latha, airson an reithe dubh-cheannach aige.

Chaidh an reithe a reic an uairsin, nas fhaide dhen fheasgar, air £600.