Ar Fàilte Innse Gall
Chaidh goireas trèanaidh ùr do ghnìomhachas na turasachd anns na h-Eileanan an Iar fhoillseachadh.
Tha an iomairt "Ar Fàilte Innse Gall" ag amas air barrachd eòlas air an sgìre a thoirt do luchd-obrach ann an turasachd.
Bheir e cuideachd comhairle orra mun dòigh as fheàrr air seirbheis a thoirt seachad airson tuilleadh luchd-turuis a thaladh.
- Air fhoillseachadh
- 7 An Dàmhair 2015
- Earrann
- Naidheachdan