Naidheachdan 11:00m

Cuiridh Breatainn àireamh bheag de shaighdearan dha na dùthchannan Bàltaig air crìoch NATO ris an Ruis. Thàinig an dearbhadh bho Rùnaire an Dìon, Mìchael Fallon, ro choinneimh NATO anns a' Bhruiseil, far a bheil iad a' deasbad ionnsaighean na Ruis ann an Siria, pleanaichean Ruiseanach a' siubhal gun chead os cionn na Tuirc agus taic Mhoscow dha na reubaltaich air taobh sear na h-Ucrain.

Bheir Rùnaire na Fhoghlaim, Angela Constance, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba feasgar air an t-suidheachadh aig Colaisde Ghlaschu Chluaidh far an deach an cathraiche agus bord-stiùiridh a chur às an dreuchd. Thuirt an Riaghaltas gun robh luchd obrach na colaisde agus oileanaich a' gearan nach robh am bòrd a' dèanamh an obair mar bu chòir.

Chaidh fear mu choinneimh na cùirte fo chasaid mu mhurt an oifigeir polais Dave Phillips, a chaidh a mharbhadh le carbad air a ghoid, trath sa mhadainn Diluain ann am Merseyside. Tha Clayton Williams, a tha 18, fo chasaid cuideachd airson meirle agus goid a' charbaid. Chaidh a chumail an grèim agus thèid e mu choinneimh Cùirt a' Chrùin an Liverpool sa mhadainn a-màireach.

Tha duil gun cuir buill ann am Pàrlamaid na h-Alba taic an-diugh ri casg air smocadh ann an càraichean anns a bheil òigridh. Dh'fhaodadh càin cho mòr ri £100 a bhith mu choinneimh sin, ach tha dragh ann mu bhristeadh chòirichean pearsanta agus gum biodh e doirbh an lagh ùr a chur an sàs. Chaidh casg den aon t-seòrsa a stèidheachadh ann an Sasainn an t-seachdain seo chaidh.

Tha luchd-sgrùdaidh den bheachd gur dòcha gur e gluasad aithghearr na gaoithe a bu choireach ri tubaist le pleana ann an Steòrnabhagh aig toiseach na bliadhna. Cha deach duine a ghoirteachadh nuair a dh'fhalbh am pleana far an raon-laighe ann an droch shìde air an 2mh den Fhaoilleach. Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gu faodadh am pìleat a bhith air am pleana a stiùireadh na b'fheàrr airson a chumail air an raon-laighe.

Tha dragh ann gun tèid còrr 's 300 cosnadh a chall le gearraidhean air a bheil Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid gu bhith a' beachdachadh an-diugh agus coltas ann gum bidh iad gann de £26m sa bhuidseat airson an ath chòig bliadhna. Tha dùil gum bidh seirbheis leabharlann nan sgoiltean, agus taighean beaga poblach am measg nan goireasan air an toir na gearraidhean buaidh.

Tha dòchas ann gun dèan deuchainn ùr dearbhadh air daoine nach eil ann an cunnart bho ghreim-cridhe ged a bhiodh pian nam broilleach. Chaidh an deuchainn fala a dhealbh aig Oilthigh Dhùn Èideann agus tha Bunait Cridhe Bhreatainn ag ràdh gum faodadh e a dhà uimhir de dhaoine a' leigeal a-mach às ospadal nas luaithe na tha iad an-dràsta.