Cothrom bann-leathann a leudachadh
Tha eòlaiche bann-leathainn ann an sgìrean iomallach air innse dhan BhBC gum bu chòir ceàrnaidhean den Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan nach eil a' dol a dh'fhaighinn bann-leathainn fibreoptic an-dràsta obrachadh còmhla airson toirt air BT an lìonra a leudachadh.
Thuirt Mike Kiely, a bha còrr is fichead bliadhna ag obair do BhT aig àrd ìre, gun deach an lìonra a dhealbh airson a leudachadh.
Tha e ag ràdh gum biodh e comasach do choimhearsnachdan iarrtas a chur a-steach airson an t-seirbheis fhaighinn, fiù 's ma bha sin a' ciallachadh cuid den obair a dhèanamh iad fhèin.
- Air fhoillseachadh
- 12 An Dàmhair 2015
- Earrann
- Naidheachdan