Soirbheachas Acadamaidh a' Mhòid
Shoirbhich gu mòr le iomairt gus clann à sgìre an Òbain a bhrosnachadh gus a dhol an sàs anns a' Mhòd Nàiseanta.
Chaidh Acadamaidh a' Mhòid a stèidheachadh leis nach robh ach dithis às an sgìre a' farpais sa Mhòd an Inbhir Nis an 2014.
Bha an sgeama cho soirbheachail 's gu bheilear an dòchas a-nis a' leudachadh gu Mòdan eile.