BBC Naidheachdan

Slighe ùr do chàbal a' Chuain Sgìth

Tha a h-uile coltas gum bi càbal-dealain ùr, a bheireadh cumhachd ath-nuadhachail às na h-Eileanan an iar gu Tìr-Mòr, a' tighinn gu tìr ann an Àrnais seach Grabhair.

Dh' fhoillsich a' chompanaidh, Scottish Hydro Electric Transmissions, gum bi iad a' sireadh beachd a' phobail air an làraich.