BBC Naidheachdan

Drochaid an Eilein Sgitheanaich Fichead Bliadhna

Tha fichead bliadhna ann an-diugh bhon a dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich. Thug an drochaid atharrachadh mòr air dòigh-beatha an eilein - ach cha bheag a' chonnspaid a thàinig na cois cuideachd. Chaidh na ficheadan an dìteadh airson a bhith a' diùltadh cìs na drochaid a phàigheadh, gus an deach cuir às dha ann an 2004. Tha an aithris seo aig Coinneach Mac a' Ghobhainn...