Cuimhneachan nan Eilean Flannach
Chailleadh iad bho chionn còrr agus ceud bliadhna ach tha na dh'fhaodadh a bhith air èirigh dhan triùir fhear-gleidhidh sna h-Eileannan Flannach fhathast na chuspair cnuasachaidh.
Tha planaichean ann a-nis an sgeulachd a chumail beò dha na ginealaichean a tha ri thighinn le carragh-cuimhne agus taisbeanadh mòr ann am Breascleit air taobh siar Leòdhais.
Tha an aithris-sa aig Eilidh NicLeòid.