Sgioba na h-Alba a' feuchainn air Euro 2017

Tha sgioba bhoireannach na h-Alba gu bhith a' cluich an aghaidh Bhealarus Oidhche Haoine ann an Tobar na Màthar.

Tha sgioba Anna Signeul dòchasach mu bhith faighinn chun nan cuairtean deireannach de Euro 2017, ach mar a tha Ailean MacLeòid ag aithris, feumaidh iad na trì puingean fhaighinn bhon ghèam-sa.