Soithichean-turais an Steòrnabhagh
Tha dùil ri barrachd shoithichean-turais ann an Steòrnabhagh an ath-bhliadhna, na bh' ann a-riamh.
Nam measg, thig an Queen Elizabeth dhan bhaile 'son a' chiad uair.
Ach, an gabhadh fiù 's barrachd a thàladh?
Tha feadhainn ag ràdh gun gabhadh nan robh goireasan nas fheàrr ann dhaibh.
- Air fhoillseachadh
- 27 An Dàmhair 2015
- Earrann
- Naidheachdan