Cha do chaill duine am beatha air an A9 tro àird seusan na turasachd
Airson a' chiad uair an ochd bliadhna, cha deach duine a mharbhadh air an A9 eadar Inbhir Nis is Dùn Bhlàthainn aig àirde seusan turasachd an t-samhraidh.
Tha na h-ùghdarrasan ga fhaicinn mar chomharra gu bheil na camarathan astair air an rathad a' deanamh feum.
Ach chan eil luchd-iomairt an aghaidh nan camarathan a' gabhail ris a sin idir.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.