Na h-eileanan a' deisealachadh son fògarraich
Tha iomairt oifigeal air tòiseachadh anns na h-Eileanan Siar son fàilte a chur air fògarraich à Siria dhan sgìre.
Chaidh coinneamh a chumail mun chùis ann an Leòdhas an raoir.
Tha dùil ri na ciad fògarraich an Alba ron an Nollaig, ach mar a tha Murray MacLeòid ag aithris, tha na planaichean anns na h-Eileanan aig ìre gu math tràth fhathast.