Iasad nan Taighean Croite gus tilleadh?
Dh' fhaodadh gun toir Riaghaltas na h-Alba air ais sgeama iasad nan taighean croite.
Bha iasad agus grant ann gu 2004, nuair a chuir an Riaghaltas às dhan iasad.
Tha croitearan air a bhith a' gearain mu dheidhinn bhon uairsin.
Dh'fhoillsich Ministear na Croitearachd, Aileen NicLeòid, Diluain gun toir iad sùil eile air an iasad a thilleadh.