Còcairean òg Inbhir Nis

Chaidh na sgilean còcaireachd aig cuid de dh'òganaich Inbhir Nis an taisbeannadh oidhche Mhàirt aig farpais Masterchef nan Sgoiltean sa bhaile.

Rinn na britheamhan - triuir àrd-chòcairean Albannach - moladh mòr air an lòn a' chaidh a dheasachadh, 's iad ag ràdh gum biodh iad toilichte a chuir air adhart sna taighean bìdh aca fhèin.

Chaidh Iain Mac Ill Eathainn dhan fharpais 's dùil aige ri fleadh, ach thill e dhachaigh 's a stamag a rùcail.