Naidheachdan 11:00m
Tha aithrisean anns na Fhraing gun do chuir boireannach às dhi fhèin le spreadhadh fèin-mhairbhteach agus gun deach aon duine eile a mharbhadh agus poilis an sàs ann an rèad ann an ceann a tuath Pharis. Chaidh còignear eile a chur an grèim aig a' flat ann an sgìre St. Denis far an robh poilis agus saighdearan Fraingeach ag amas air feadhainn fo amharas mu na h-ionnsaighean ceannairc Dihaoine. Chaidh còignear oifigearan poilis a leòn.
Tha aithrisean ann an Siria gun deach còrr is 30 duine de dh'fheachdan na Stàite Ioslamaich a mharbhadh bho thòisich itealain na Frainge bho chionn trì làithean a' toirt ionnsaigh air baile Raqqa ann an Siria. Tha e coltach gu bheil teaghlaichean cheannardan IS a' fàgail a' bhaile sin agus a' dèanamh air baile eile anns a bheil IS stèidhichte, Mosul, ann an ceann a tuath Iorac.
Thuirt Sràid Downing an-diugh nach eil clàr-ama ann airson na dàrna bhòta a bheireadh cead do Bhreatainn pàirt a ghabhail anns na h-ionnsaighean bhon adhair air IS ann an Siria. Thuirt Dàibhidh Camshron an-dè gum feuchadh esan ri beachd nan Cumantan atharrachadh, an dèidh bhòt bho chionn còrr is dà bhliadhna an aghaidh ionnsaighean bhon adhair ann an Siria. Chan eil ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, ag iarraidh itealain chogaidh a chur an sàs ann an Siria, ach tha e coltach gu bheil àireamh mhath de bhuill Làbarach deònach bhòtadh na aghaidh-san.
Tha coltas ann gum faodadh buill Làbarach àr-a-mach a dhèanamh an aghaidh Mhgr Chorbyn aig bhòt ann an Taigh nan Cumantan Dimàirt seo tighinn air siostam dìon Trident. Tha an SNP a' moladh an sin cur às do Trident, agus ged a tha e coltach gun deach comhairle a thoirt air buill Làbarach a' bhòt sin a sheachnadh tha aithrisean ann a-niste nach toir feadhainn dhiubh feart air Mgr Corbyn agus gum bhòt iad an aghaidh an SNP.
Tha fear a bha na cheannard aig aon àm ann an seirbheis chatharra na h-Alba a' toirt fianais do Thaigh nam Morairean an-diugh. Tha Alan Evans, a bha na stiùiriche air Oifis na h-Alba, a' toirt a bheachd fhèin do Chomataidh na Bun-Reachd ann an Taigh nam Morairean air dè seòrsa buaidh a dh'fhaodadh tuilleadh fèin-riaghlaidh le Bile na h-Alba a thoirt air Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.
Tha a' bhuidheann charthannais, Urras Trussell, ag ràdh gun deach an àireamh dhaoine a tha a' cleachdadh bhancaichean bìdhe an Alba suas gu còrr is 60,000 ann an sia mìosan eadar an Giblean agus an t-Sultain am-bliadhna - àrdachadh de 17% air an aon àm an-uiridh. Thuirt an carthannas gur e clann a bh' anns an treas cuid dhiubh sin, agus gur e tuarastail a' tuiteam agus atharrachadh is dàil air sochairean as motha is coireach.