BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Bidh bhòt ann am Pàrlamaid na Frainge mu leudachadh air staid na h-èiginn an dèidh na ceannairc ann am Paris Dihaoine seo chaidh. Tha moladh mu choinneimh na Pàrlamaid a bheireadh atharrachadh air an lagh mu bhith a' cumail dhaoine an grèim nan dachaigh, agus cead dha na Poilis rannsachadh a dhèanamh gun chead na cùirte. Thuirt am Prìomhaire, Manuel Valls, gu bheil cunnart ann gun gluais ceannaircich gu ionnsaighean ceimigeach no biologigeach.

Chaidh poilis sa Bheilg an sàs ann an rèadan anns a' Bhruiseil anns a' mhadainn an-diugh co-cheangailte ris na h-ionnsaighean ann am Paris. Chaidh aon duine a chur an grèim ann an ceann a tuath a' bhaile. Tha Riaghaltas na Beilge a' cur tuilleadh airgid ri tèarainteachd an dèidh dha tighinn am follais gur ann stèidhichte sa Bheilg a bha na ceannaircich a tha fo amharas mu na h-ionnsaighean air an Fhraing.

Tha coltas atharrachaidh air seasamh an SNP air poileasaidh Bhreatainn ann an Siria, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ag ràdh gu bheil i deònach èisteachd ri argamaid Dhàibhidh Camshron airson ionnsaigh Bhreatannaich bhon adhair air IS ann an Siria. Ann an agallamh a' comharrachadh bliadhna mar Phrìomh Mhinistear an Alba, thuirt Nicola Sturgeon, gum biodh e ciallach an dèidh na ceannairc ann am Paris beachdachadh air argamaid a' Phrìomhaire.

Dh'innis Prìomh Mhinistear Èireann a Tuath, Peadar Robinson, gu bheil e a' fàgail a dhreuchd agus poileataigs an ceann beagan sheachdainnean. Thàinig grèim-cridhe air ceannard Phàrtaidh Dheamocratach an Aonaidh anns a' Chèitean am-bliadhna, ach chaidh e às àicheadh gur e a shlàinte as coireach gu bheil e a' falbh.

Thàinig dearbhadh gu bheil Pròiseact nan Ealan a' dol à bith. Thàinig an naidheachd bhon stiùiriche, Erika Mhoireasdan, an-raoir, fhad 's a bha i a' togail Duais nan Ealan is Cultair às leth na buidhne aig na Duaisean Gàidhlig. Thuirt i gu bheil e air a bhith doirbh dhaibh taic-airgid fhaighinn bho chionn ghoirid, agus nach eil maoineachadh aca a-nise a chumas a' dol iad dad nas fhaide na deireadh na bliadhna seo.

Tha bhòt aig Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain an-diugh air plana Gàidhlig an ùghdarrais. Cho-dhùin Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan na Comhairle san t-Sultain gun gabhadh iad ri cuid de na chuir Bòrd na Gàidhlig romhpa, ged a dhiùlt iad soidhnichean dà-chànanach agus oifigear Gàidhlig. Bha mòran air a' chomataidh ge-tà, ag ràdh nach bu chòir dhan Chomhairle gabhail ri dad idir den dleastanas a tha Bòrd na Gàidhlig a' cur orra, agus 's e sin as coireach gu bheil a' chùis a-niste aig làn-choinneimh na Comhairle an-diugh.