BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha aithrisean ann gun deach co-dhiù triùir a mharbhadh ann an ionnsaigh a thug luchd-gunna Ioslamach air taigh-òsta ann am Màlaidh. Tha ùghdarrasan na dùthcha ag ràdh gun tugadh 170 duine am bruid ann an taigh-òsta an Radisson Blue anns a' phrìomh bhaile Bamako.

Chaidh an treas corp a lorg anns an togalach air an do rinn Poilis na Frainge rèad ann an Saint Denis a' bhòn-dè. Tha fhios mar thà gun do chuir boireannach às dhi fhèin le seacaid-spreadhaidh, agus gun deach ceannard nan ceannarcach, Abdelhamid Abaaoud, a mharbhadh. Ach tha na Poilis a-nis ag ràdh gu bheil iad air corp boireannaich eile fhaighinn.

Tha ministearan dùthcha an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh an-dràsta anns a' Bhruiseil a bhruidhinn air tèarainteachd an dèidh ceannairc Pharis. Tha an Fhraing ag iarraidh cùisean a theannachadh air crìochan Sòn Schengen - sin an sòn anns am faodar gluasad eadar dùthchannan gun chàirt-siubhail.

Nochd dithis fhireannach anns a' chùirt co-cheangailte ri murt an deugaire Kaylee Haywood ann an Leicestershire. Chaidh Stephen Beadman, a tha 28, a chur fo chasaid muirt agus èigneachaidh. Tha Luke Harlow, a tha 27, fo chasaid gun robh e ri grùmadh agus a' feise le òganach. Chaidh an dithis a chumail an grèim.

Thabhainn Poilis a' Mhet leisgeul do sheachdnar bhoireannach a bha a' leannanachd le oifigearan poilis dìomhair gun fhiosta dhaibh. Tha e coltach gun do phàigh am Met airgead-dìolaidh dha na boireannaich, ach chan eil iad ag innse dè na phàigh iad.

Chaidh Aimeireaganach a bha na fhear-brathaidh do dh'Israel a shaoradh à prìosan Aimeireaganach an dèidh 30 bliadhna. Bha e fo bhinn beatha. Chaidh Ionatan Pollard, a bha roimhe na oifigear-brathaidh aig nèibhidh nan Stàitean Aonaichte, fhaighinn a' reic phàipearan dìomhair ann an 1985.

Tha daoine air an tig stròc nas buailtiche faighinn seachad air ma tha barrachd air aon chànan aca. Tha sin a rèir rannsachaidh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann. Ach cha do rinn iad a-mach fhathast carson a tha seo.

Math dh'fhaoidte gun robh Pròiseact nan Ealan an sàs ann am pròiseactan a bha ro mhòr, a rèir fir a bha roimhe air bòrd-stiùiridh na buidhne. Bha Calum Angus MacAoidh a' bruidhinn an dèidh na naidheachd gun tèid Pròiseact nan Ealan à bith, 's gun airgead aca a chumas a' dol iad às dèidh deireadh na bliadhna. Thuirt Mgr MacAoidh nach robh e airson am pròiseact a chàineadh, ach gur dòcha nach robh fòcas air a bhith aca air na rudan bunaideach.