BBC Naidheachdan

Seachdain nas giorra air a' Ghàidhealtachd?

Dh'fhaodadh sgoiltean 's oifisean Comhairle na Gàidhealtachd uile dùnadh aig meadhan là gach Dihaoine 'son airgead a chùmhnadh.

Tha sin air aon roghainn air a bheileas a' coimhead feuch £21m a shàbhaladh an ath-bhliadhna.

Thèid am moladh, còmhla ri feadhainn eile, gu Panal an t-Sluaigh airson beachdachadh orra.