BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha an Seansalair ag ullachadh airson òraid tràth feasgar air plana ionmhais an Riaghaltais airson an ath-cheithir bliadhna. Tha Seòras Osborne ag amas air £20bn de ghearraidhean airson cur às do dh'easbhaidh na dùthcha ro 2019. Tha dragh ann mun bhuaidh a bheir sin air seirbheisean poblach, ach tha e coltach nach bi gearradh ann an sochairean nan creideasan-cìse buileach cho cruaidh 's a bha dùil.

Thuirt an Ruis gun do rinn feachdan Shiria cobhair air fear de na pìleatan a bh' anns an itealan chogaidh aca air an deach losgadh gu làr os cionn na Tuirce an-dè. Chaidh am pìleat a thilleadh gu ionad airm na Ruis ann am port Latakia ann an Siria. Thuirt Mosgo gun do mharbh jihadich am pìleat eile, agus saighdear a dh'fheuch ri cobhair a dhèanamh air.

Tha sgoiltean anns a' Bhruiseil, agus mun dàrna leth de shiostam bus is trama a' bhaile fosgailte a-rithist an dèidh a bhith dùinte airson ceithir là le dragh mu cheannairc den t-seòrsa a bh' ann am Paris. Tha poilis le gunnaichean agus saighdearan a' cumail sùil fhathast air mòran de phrìomh bhaile na Beilge.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad a' dèiligeadh ri dragh mu sheirbheisean meidigeach taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an ceann a tuath na Hearadh. Thuirt an Stiùiriche Meidigeach, an Dr. Aonghas MacEallair, gu bheil iad, mar phàirt dheth sin, ag ullachadh liosta de dhotairean teaghlaich, nursaichean agus luchd-obrach nan carbad-eiridinn a tha deònach a dhol a-mach ma dh'èireas èiginn san sgìre taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach. Thuirt an Dr. MacEallair gun deach adhartas mòr a dhèanamh aig coinneimh air an Tairbeart oidhche Luain, gu ruige tuigse nas fheàrr eadar a' choimhearsnachd agus ùghdarras na slàinte.

Tha an t-aonadh RMT agus riochdairean luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn aig Pàrlamaid na h-Alba sa mhadainn an-diugh ag iarraidh air an Riaghaltas na seirbheisean a chumail anns an roinn phoblaich. Tha na Làbaraich air deasbad a chur air dòigh feasgar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba stad a chur air a' phròiseas fo a bheil na seirbheisean a' dol a-mach gu tairgse. Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gu bheil riaghailtean farpais na h-Eòrpa gam fàgail gun roghainn ach sin a dhèanamh.

Tha dùil ri dearbhadh an ath-sheachdain gu bheil Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd cho mòr ri £3m os cionn buidseat na bliadhna, agus thèid innse do bhòrd NHS na Gàidhealtachd Dimàirt gur dòcha gum feum iad £2.5m eile de ghearraidhean a chur an sàs ro dheireadh na bliadhna-ionmhais anns a' Ghiblean.