BBC Naidheachdan

Rabhadh 500 cosnadh an cunnart ri linn MPA

Thàinig rabhadh gu faodadh còrr 's 500 cosnadh a bhith air an call ann an Cinn Tìre ma thèid Riaghaltas na h-Alba air adhart le planaichean airson sgìrean mara glèidhte.

'S e Comann Iasgairean Chluaidh a tha a' toirt nam figearan am bàrr, 's iad ag ràdh gun toireadh na sgìrean buaidh nas fharsainge cuideachd air coimhearsnachdan na sgìre